lirik.web.id
a b c d e f g h i j k l m n o p q r s t u v w x y z 0 1 2 3 4 5 6 7 8 9 #

lirik lagu the rankin family – an innis aigh

Loading...

[verse 1]
seinn an duan seo dhan innis àigh
an innis uaine as gile tràigh
bidh sian air uairean a’ bagairt cruaidh ris
ach ’s e mo luaidh~sa bhith ann a’ tàmh

[verse 2]
càit’ as tràith’ an tig samhradh caomh
càit’ as tràith’ an tig blàth air craoibh
càit’ as bòidhche an seinn an smeòrach
air bhàrr nan ògan? ‘s an innis àigh!

[verse 3]
tiugainn leam~sa chun na tràigh
‘s an fheasgar chìuin~ghil aig àm an làin
‘s chì thu ‘m bòidhchead ‘s an liuthad seòrsa
de dh’eòin tha còmhnaidh ‘s an innis àigh

[verse 4]
an t~iasg as fiachaile dlùth don tràigh
is ann m’a chrìochan is miann leis tàmh;
bidh gillean èasgaidh le dorgh is lìontan
moch, moch ga iarraidh mun innis àigh

[verse 5]
o ‘s geàrr an ùine gu ‘n teirig là;
thig an oidhche ‘s gun iarr mi tàmh
mo chadal buan~sa bidh e cho suaimhneach
ma bhios mo chluasag ‘s an innis àigh
seinn an duan seo dhan innis àigh


Lirik lagu lainnya:

LIRIK YANG LAGI HITS MINGGU INI

Loading...