lirik.web.id
a b c d e f g h i j k l m n o p q r s t u v w x y z 0 1 2 3 4 5 6 7 8 9 #

lirik lagu gun ghaol – bha thu ce​à​rr

Loading...

bha mi ceart
bha thusa ceàrr

bha mi nam cheann gach latha
bha sgeulachd agam mum dheidhinn fhìn mu thràth
braoisg air mo ghnùis
ach bha fios a’m nach robh mi a’ dèanamh cho math
“cùm do smuaintean agad fhèin
is fuirich sàmhach, tog ballachan
falaich a~staigh is dùin a h~uile duine eile a~mach”

tha mi duilich airson an t~slighe a ghabh mi
ach a~nis tha fios a’m gum fàs e nas fhasa
dh’fhàg mi an eallach air chùl (air chùl)
is mu dheireadh thall, tha mi a’ faireachdainn nas fheàrr
canaidh mi a~rithist e
bha thu ceàrr
seadh

dh’èist mi ris na beachdan as miosa a bh’ agam
tha mi fhathast gam fhaicinn fhìn
mar a bha mi, san sgàthan
tha esan fhathast a’ feuchainn ri mo shlaodadh sìos
carson a tha e cho doirbh dhuinn
innse dè tha air ar n~inntinn?
smuaintean an~fhoiseil, làn eagail
tagh gun a bhith gan cluinntinn
‘s e mo thoileachas an nì as cudromaiche

tha mi duilich airson an t~slighe a ghabh mi
ach a~nis tha fios a’m gum fàs e nas fhasa
dh’fhàg mi an eallach air chùl (air chùl)
‘s mu dheireadh thall, tha mi a’ faireachdainn nas fheàrr
canaidh mi a~rithist e
bha thu ceàrr
canaidh mi e aon uair eile

canaidh mi e aon uair eile
canaidh mi e aon uair eile
canaidh mi e aon uair eile
canaidh mi e
bha thu
ceàrr
cùm sin air chuimhne
cùm sin air chuimhne


Lirik lagu lainnya:

LIRIK YANG LAGI HITS MINGGU INI

Loading...