lirik lagu skipinnish - oran a' chaiora
nuair a chaidh sinn uile air bòrd innte
cha do chòrd i idir rinn;
cha robh cùisean idir dòigheil
oir bha ‘m bòsan air an dràm;
thug an sgiobair dhuinn an t~òrdugh
leigeil às gach ròp is ball
‘s thàinig poidhleat steach air bòrd innt’
‘s rinn i seòladh sìos an clyde
nuair a sheòl i mach à glaschu
air disathairne gu math tràth
chuir i cùrs air fearann shasainn
‘s leig sinn soraidh le gach àit’
‘s leig sinn soraidh le na h~eòlaich
bha gu brònach crathadh làmh;
‘s ged bu duilich b’ fheudar seòladh
‘s an ciaòra dol gu sàl
siud far an robh am bàta
tè na b’ fheàrr ann an droch uair
‘s ged a bha i coimhead grannda
‘s math a shnàmhadh i an cuan;
dol a~null an siar chuan mhòr leinn
bha ‘n ciaora ‘s i cho luath
‘s ceathrar innte bhalaich leòdhais
seòid na b’ fheàrr cha d’ dh’fhàg an cluaidh
o, thusa fhaoileig bhòidhich
tha ri seòladh os mo chionn
ma thadhlas tu dùthaich m’ eòlais
‘s e sin steòrnabhagh an leòdhas
dèan innse dhaibh gu bheil an ciaòra
seòladh aotrom bàrr nan tonn
‘s i ri dèanamh cùrsa dhìreach
air na tìrean fada thall
Lirik lagu lainnya:
- lirik lagu tullio - hollow
- lirik lagu clodz, blitz, horiznends - zerø
- lirik lagu trực (vn) - thế giới chỉ còn mình anh
- lirik lagu haze - diebesnest
- lirik lagu art evans - gettin it
- lirik lagu elnora johnson - red cap porter blues
- lirik lagu purecomp - supa rich
- lirik lagu folarin dejaks - my darling
- lirik lagu the svodjsgard project - intro!
- lirik lagu masterkraft - egwu