lirik lagu runrig - an ròs
[verse 1]
ged ‘s brèagha tha an ròs le dhuilleagan sìoda
fàileadh cho cùbhraidh, cùbhraidh bho chridh’
na buain e rid mhaireann oir nì e do mhealladh
tha dubhan geur puinnsein, geur puinnsein fo sgèith
[verse 2]
chreid mi na briathran, a h~uile nì riamh dheth
gur brèagha ‘s gur cùbhraidh, cùbhraidh am blàth
bhuain mi am flùran, mar àdhamh an ùbhlan
‘s leònadh mo chridhe, mo chridhe gu bràth
[instrumental]
[verse 3]
tha mi nis a’ crìonadh is m’ inntinn air phianadh
‘s mo shùilean a’ sìor, sìor shileadh dheur
‘s ged ‘s tric rinn mi gàire, tha sin nis air an fhàire
‘s mo chridhe briste brùite, brist’ brùite gu lèir
[verse 4]
ged ’s brèagha tha an ròs le dhuilleagan sìoda
fàileadh cho cùbhraidh, cùbhraidh bho chridh’
na buain e rid mhaireann oir nì e do mhealladh
tha dubhan geur puinnsein, geur puinnsein fo sgèith
Lirik lagu lainnya:
- lirik lagu seola - 구원자 (savior)
- lirik lagu hendrik noelle - we are time
- lirik lagu lil squeaky - menace 4
- lirik lagu sj the artisan - raise the bar
- lirik lagu kayuk - ангели і демони (angels and demons)
- lirik lagu mawhoo - simoja
- lirik lagu entedigital - tu ausencia
- lirik lagu rhonda gunn - receive
- lirik lagu lil faint (rap) - around me
- lirik lagu francisca valenzuela - continente