lirik lagu mary jane lamond - a mhairi bhoidheach
chorus
a mhàiri bhòidheach ‘s a mhàiri ghaolach
a mhàiri bhòidheach gur mòr mo ghaol ort
a mhàiri bhòidheach gur tu a chlaoidh mi
‘s a dh’fhàg mi brònach gun dòigh air t’ fhaotainn
verse

gur tric mi ‘cuimhneachadh ort ‘s mi m’ ònar
ged a shiubhlainn gach ceum den t~saoghal
bidh t’ ìomhaigh bòidheach ‘tighinn beò gach taobh dhiom
chorus
a mhàiri bhòidheach, a mhàiri ghaolach
a mhàiri bhòidheach gur mòr mo ghaol ort
a mhàiri bhòidheach gur tu a chlaoidh mi
‘s a dh’fhàg mi brònach gun dòigh air t’ fhaotainn
verse
‘s truagh nach robh mi ‘s mo mhàiri bhòidheach
ann an gleannan faoin ‘s ceò air
ged bu rìgh mi ‘s an roinn~eòrpa
chan iarrainn pòg ach o mhàiri bhòidheach
chorus
a mhàiri bhòidheach ‘s a mhàiri ghaolach
a mhàiri bhòidheach gur mòr mo ghaol ort
a mhàiri bhòidheach gur tu a chlaoidh mi
‘s a dh’fhàg mi brònach gun dòigh air t’ fhaotainn
verse
chìthear fèidh air sgèith ‘s na speuran
chìthear iasg air àird nan slèibhtean
chìthear sneachda dubh air gheugan
mum faicear caochladh tighinn air mo spèis dhut
chorus
a mhàiri bhòidheach ‘s a mhàiri ghaolach
a mhàiri bhòidheach gur mòr mo ghaol ort
a mhàiri bhòidheach gur tu a chlaoidh mi
‘s a dh’fhàg mi brònach gun dòigh air t’ fhaotainn
verse
guma slàn dha mo mhàiri bhòidheach
ge b’e àite ‘s am bidh i ‘chòmhnaidh
‘s e mo dhùrachd cho fad ‘s is beò mi
gum bidh gach sòlas aig màiri bhòidheach
chorus
a mhàiri bhòidheach ‘s a mhàiri ghaolach
a mhàiri bhòidheach gur mòr mo ghaol ort
a mhàiri bhòidheach gur tu a chlaoidh mi
‘s a dh’fhàg mi brònach gun dòigh air t’ fhaotainn
Lirik lagu lainnya:
- lirik lagu eastsideeggroll - course not
- lirik lagu dado - lettere
- lirik lagu arxp cartel - dokhan - دخان
- lirik lagu nikk (bra) - a nova slim shady
- lirik lagu elena erin - hollywood hills
- lirik lagu fusion (svk) - flex
- lirik lagu heronwater - звёзды (stars)
- lirik lagu thwack! - blue ray
- lirik lagu 2t4 - skryyy
- lirik lagu enes alper - geçemediğimiz sınavlar var