lirik.web.id
a b c d e f g h i j k l m n o p q r s t u v w x y z 0 1 2 3 4 5 6 7 8 9 #

lirik lagu runrig – foghar nan eilean ’78

Loading...

tha na duilleagan a’ dannsa
bho na craobhan anns a’ ghaoith
foghar donn ar bliadhn’ air tionndadh
nis tha luchd an t-samhraidh ma sgaoil

sona dh’fhàg thu mi le m’eilean
‘s leam na lochan is na bàigh
mo cridh’ aig tàmh air beanntan geamhraidh
nis tha luchd an t-samhraidh ma sgaoil

foghar nan eilean
foghar mu thuath
gheibh sinn beatha mar a chleachd sinn
mas tàinig an t-sluagh
bidh am fraoch air nam beanntan
‘s a choille ruadh fon ghrian
‘s iad a’ sealltain dathan dhomsa
gus an till iad a rithe

tha an latha seachad, buintean dùinte
gheibh an caisteal fois na h-oidhch’
gheibh an t-airgead cadal socair
nis tha luchd an t-samhraidh ma sgaoil

mar a dh’atharraich iad ar beòshlaint
mhill iad dualchas cainnt ‘s ru dòigh
ach fhoghair, crathaidh mi do làmh
nis tha luchd an t-samhraidh ma sgaoil

foghar nan eilean
foghar mu thuath
gheibh sinn beatha mar a chleachd sinn
mas tàinig an t-sluagh
bidh am fraoch air nam beanntan
‘s a choille ruadh fon ghrian
‘s iad a’ sealltain dathan dhomsa
gus an till iad a rithe


Lirik lagu lainnya:

LIRIK YANG LAGI HITS MINGGU INI

Loading...