
lirik lagu julie fowlis - bothan àirigh am bràigh raithneach
[verse]
gur e m’ anam is m’ eudail
chaidh an~dè do ghleann garadh
fear na gruaig’ mar an t~òr
is na pòg air bhlas meala
[chorus]
o hi ò o hu ò, o hi ò o hu ò
hi rì ri ò hu eile
o hì ri ri ri ò gheallaibh ò
[verse]
is tu as fheàrr don tig deise
de na sheasadh air thalamh
is tu as fheàrr don tig culaidh
de na chunna mi dh’ fhearaibh
[verse]
is tu as fheàrr don tig osan
is bròg shocrach nam barrall
còta lunnainneach dubh~ghorm
is bidh na crùintean ga cheannach
[verse]
an uair a ruigeadh tu ’n fhèill
is e mo ghèar~sa a thig dhachaigh
mo chriosan is mo chìre
is mo stìomag chaol cheangail
[verse]
thig mo chrios à dùn eideann
is mo bhrèid à dùn chailleann
gheibh sinn crodh as a’ mhaorainn
agus caoraich à gallaibh
[verse]
is ann a bhios sinn ’gan àrach
air àirigh am bràigh raithneach
ann am bòthan an t~sùgraidh
is gur e bu dùnadh dha barrach
[verse]
bhiodh a’ chuthag ’s an smùdan
a’ gabhail ciùil duinn air chrannaibh
bhiodh an damh donn ’s a bhùireadh
gar dùsgadh sa mhadainn
Lirik lagu lainnya:
- lirik lagu 2uu!, pa2k & céro (esp) - la sensacion
- lirik lagu raykatanna - jersey club 2.0
- lirik lagu fleshwater - be your best
- lirik lagu ivey - angel numbers
- lirik lagu lui5 - retirarme
- lirik lagu los meconios - si a españa tú vas
- lirik lagu rika miku - 学校を休んだ日のこと (when i was absent from school)
- lirik lagu the damned - help - live at shepperton
- lirik lagu akaki von - am luat-o in cartierul o x poveste nebuna 3
- lirik lagu gmg fantasy - let's be together