lirik lagu john joe macneil - o thill thu chaluim
o thill thu chaluim, o thill, o thill
o thill thu chaluim, o thill, o thill
‘s on thàna thu chaluim a~nall far na mara
tha mi ‘n dòchas gum fan thu air tìr, air tìr
o thill thu chaluim, o thill, o thill
‘s tha calum air tilleadh far arraban truagh
a~nall far a linne far mhire na stuadh
far am fàsadh an canneach is talamh nam buadh
‘s an cruineachd na mheallan le spealan ga bhuain
o thill thu chaluim, o thill, o thill
‘s e chuibhl’ a dh’ fhiach rium ‘s chuir siachadh na m’ dhòrn
bhith ga cumail aig rìoghailt ‘s i sìor dhol o dhòigh
‘s nan leiginn ma reir ri ‘s i shnìamhadh a’ chlò
‘s cha chùmaidh i biadhadh le sianar bhean òg
o thill thu chaluim, o thill, o thill
‘s bha triùir aca càrdadh nam beartaichean reidh
bha mise aig an t~snàthaid ‘s i thàirneadh am beum
‘s chan fhaca mi h~àicheadh as fheàrr airson feam
gu cumadh i snàthail ri tàillear na èis
o thill thu chaluim, o thill, o thill
‘s gum b’ fheàrr a bhith fuireach air tìr, air tìr
na bhith treabhadh na mara gun sìth, gun sìth
‘n àm rìfeadh is cliùthadh is pasgadh nan uiread
‘s i siabadh a’ churraich thar chinn, thar chinn
o thill thu chaluim, o thill, o thill
bhiodh uidheam againn daonnan ri aodann nan seoid
nuair a thòisicheadh caochlaid is faobhar nan dòrn
bha mise, nam aonar gun saod air bhith beò
fhad ‘s a sheasadh rium aonar cha saoirinn an tòir
o thill thu chaluim, o thill, o thill
‘s cha do dh’ fhàgadh ach an t~sianar ga sìor chur air dòigh
a’ glanadh a chiabhaig ‘s a’ cur pìos air gach seòl
‘s mar a dh’ fhalbh iad nan ìallan ‘s nach b’ fhaich ‘ad an còrr
bha fios am gu siorraidh nach dèanadh i bòidse
o thill thu chaluim, o thill, o thill
Lirik lagu lainnya:
- lirik lagu gregory brewis, larsiem & cai llewellyn - conspirators
- lirik lagu marjorie -w.c. sinclair - teracota tiles
- lirik lagu rsko - j’ai donné
- lirik lagu sashka gaylov & kutas records - atomy i kutasy
- lirik lagu あばらや (abaraya) - かなしばりに遭ったら (z__)
- lirik lagu the replacements - heartbeat, it's a lovebeat (2025 remaster)
- lirik lagu young lxrd sergivs - noche mágica
- lirik lagu ghost (vocaloid) (marz mitzi) - chaos theory - chika / marz mitzi
- lirik lagu danielledn - sueño
- lirik lagu kill dyll - my grave