lirik.web.id
a b c d e f g h i j k l m n o p q r s t u v w x y z 0 1 2 3 4 5 6 7 8 9 #

lirik lagu gun ghaol - tog dealbh

Loading...

tog dealbh dhinn mus fhalbh sinn

cuimhne eile airson an leabhair fhosgailte
a tha sinn a’ sgrìobhadh còmhla
‘s ann anns an t~saoghal didseatach a bhuineas e

is bu mhath leam a bhith comasach air a dhùnadh
chan eil mi airson a h~uile duilleag a shealltainn

ged a tha e math a bhith beò
thoir air falbh mi às an àite seo
tha mi air fàs searbh
gu sgiobalta, tog mo dhealbh

a bheil roghainn ann?
a bheil mi a’ faighneachd cus?
a bheil e ro fhadalach dhuinn uile co~dhiu?
pìosan neo~choileanta dhinn nan laighe ann an lìon
airson coigrich fhuasgladh

chan eil mi a’ faireachdainn comhfhurtail leis an seo
an e seo dha~rìribh a bhith beò?
‘s fheudar dhomh falbh, feumaidh mi falbh
fuirich, fuirich ~ an toiseach
tog mo dhealbh
ged a tha e math a bhith beò
thoir air falbh mi às an àite seo
tha mi air fàs searbh
gu sgiobalta, tog mo dhealbh

bha bruadar agam gun robh mi a’ tuiteam dhan fhanais
chaidh mi à sealladh
fon fhàire

b’ e sonas a bh’ ann
sonas


Lirik lagu lainnya:

LIRIK YANG LAGI HITS MINGGU INI

Loading...