lirik lagu gun ghaol - òran na cloiche
a’ chlach a bha mo sheanmhair
‘s mo sheanair oirre seanchas
air tilleadh mar a dh’fhalbh i
mo ghalghad a’ chlach
‘s gur coma leam i ‘n cearrara
an calasraid no ‘n calbhaigh
cho fad’ ‘s a tha i ‘n albainn
nan garbhlaichean cas
‘s i u ro bha ho ro hilli um bo ha
hilli um bo ruaig thu i hilli um bo ha
‘s i u ro bha ho ro hilli um bo ha
ga cur an àite tearmainn
a chumas i gu falachaidh
‘s nach urrainn iad, nach dearg iad
air sgealb dhith thoirt às
a’ chlach a chaidh a dhìth oirnn
air faighinn às an ìnean
‘s gu deimhinne, ma thill i
tha ‘n nì sin gu math
‘s i u ro bha ho ro hilli um bo ha
hilli um bo ruaig thu i hilli um bo ha
‘s i u ro bha ho ro hilli um bo ha
bha am ministear cho tùrsach
sa mhadainn nuair a dhùisg e
‘s praban air a shùilean
a’ tionndadh a~mach
e coiseachd feadh an ùrlair
ag ochanaich ‘s ag ùrnaigh
‘s a’ coimhead air a’ chùil
anns an d’ ionndrainn e chlach
‘s i u ro bha ho ro hilli um bo ha
hilli um bo ruaig thu i hilli um bo ha
‘s i u ro bha ho ro hilli um bo ha
sin far robh an stàireachd
‘s an ruith air feadh an làir ann
gun smid aige ri ràidhtinn
ach”càit ‘n deach a’ chlach?
‘s a mhoire, mhoire, mhàthair
gu dè nì mise màireach
tha fios a’m gum bi a’ bhànrighinn
a’ fàgail a beachd”
‘s i u ro bha ho ro hilli um bo ha
hilli um bo ruaig thu i hilli um bo ha
‘s i u ro bha ho ro hilli um bo ha
gun tuirt e ‘s dath a’ bhàis air”cha chreidinn~sa gu bràth e
gu togadh fear bho làr i
nach b’ àirde na speach
tha rudeigin an dàn dhomh
‘s gun cuidicheadh an t~àgh mi
bha’ n duine thug à sàs i
cho làidir ri each”
‘s i u ro bha ho ro hilli um bo ha
hilli um bo ruaig thu i hilli um bo ha
‘s i u ro bha ho ro hilli um bo ha
hilli um bo ruaig thu i hilli um bo ha
‘s i u ro bha ho ro hilli um bo ha
Lirik lagu lainnya:
- lirik lagu 21 clown - deja vu?
- lirik lagu zhunii and soluma - cometa!
- lirik lagu flora kərimova - azərbaycan
- lirik lagu favorite blue - sun & star
- lirik lagu grimzworld - beware my wicked ways
- lirik lagu summer walker - i'll kill you (sped up)
- lirik lagu psycho rhyme - epizoda 25
- lirik lagu owu - нарисую! (i'll draw!)
- lirik lagu armani doc - berlusconi music
- lirik lagu pøltergeist - children of the dark