lirik lagu calum alex macmillan - thug iad a thung thu
gu dè ged dh’èireadh a’ ghrian
gu dè ged a ghoireadh na h~eòin?
ceòl fìdhle no pìoba cha dèan
dèan sugraidh dhomh dhùsgadh dham dheòin
thug iad a thung a’ bhradain ‘s a’ mhurain thu
thug iad a~null a dh’fhuireach, a lurain, thu;
a~null air an fhadhail mo bhalachan bàn chaidh
a~null air an fhadhail mo bhalachan bàn chaidh
gu dè ged a chinneadh mo bhàrr
lìonmhor ged dh’fhàsadh mo bhuar?
cha lìon is cha bhlàthaich siud d’ àit
às d’ eugmhais tha fàs falamh fuar
gur binne gu mòr leam do ghàir
na ‘n ceòl thig o chlàrsaich nan teud
na ‘n uiseag air moch mhadainn mhàigh
na chuthag ‘s gug~gug aic’ air gheug
chaoidh do cholainn na agradh an stàit
gu bhith leatha ‘s na blàiribh ri spòrs
mar nach biodh annad, a ghràidh
ach tàileasg len cluichear air bòrd
o sguiribh, luchd eanchainnean geur’
dheilbh lèir~sgrios a dh’oidhche ‘s a lò;
ur n~eagnaidheachd cuiribh gu feum
is fàgaibh mo bhalachan~sa beò
you might also like
Lirik lagu lainnya:
- lirik lagu dehumanizing itatrain worship - bokura no slam kimi to no slaughter
- lirik lagu jockstrap - neon
- lirik lagu ermis sandis - it don't matter
- lirik lagu mateus fazeno rock - do harlem a cajazeiras
- lirik lagu og stevo - wedding ring
- lirik lagu андем (andem) - готы идут на рим (goths march on rome)
- lirik lagu jamie owens-collins - i’ve never had to go this far before
- lirik lagu riven - crazy (night gazing)
- lirik lagu zdravko čolić - brodolomci
- lirik lagu saint severus - unspoken