lirik lagu balach - leisgeulan fann
[verse 1]
searradh amhaich am meadhan an earraich
ùr~bhreith nam ìnean
a’ siubhal air ite ‘s ag amharc le uaill
uan a~measg nan sìthean
[verse 2]
ri grìosadh an teine agam fhìn le mòine
connadh gus fuath a sgapadh mun cuairt
tha ‘n fhuachd ann a~nis, tha mo bhruadairean cho trom
gun fuath do dhuin’ ach mi~fhìn
[chorus]
bu mhiosa buileach gur mis’ a bhios tùrsach
‘s nì rànail air òrdag bun os cionn air youtube
cha lorg fear brèige an solas na grèine
àite falaich air cùlaibh leisgeulan fann
‘s iad a tha gann, iad a bha ann
‘s cha lorg mi maitheanas mura h~èist iad rium
chan eil mise fiùghail ach a’ faighneachd co~dhiù
eil sealladh na fala tabhachd blàths na do bhrù?
[verse 3]
fuil is fallas, dùil ri gamhlas
drùidhte bha na sìtheanan
dòrtadh gu socair, na boinneagan blàth
an tiodhlac bha nam ìnean
[verse 4]
le samhradh cha tàinig blàths man a b’ àbhaist
ach futhar is bruthainneachd chruaidh
thàinig sgòthan a rabhadh uisg’ a rinn bàthadh
ach nach mùchadh an nàire nam ghruaidh
[chorus}
bu mhiosa buileach gur mis’ a bhios tùrsach
‘s nì rànail air òrdag bun os cionn air youtube
cha lorg fear brèige an solas na grèine
àite falaich air cùlaibh leisgeulan fann
‘s iad a tha gann, iad a bha ann
‘s cha lorg mi maitheanas mura h~èist iad rium
chan eil mise fiùghail ach a’ faighneachd co~dhiù
eil sealladh na fala tabhachd blàths na do bhrù?
[instrumental]

Lirik lagu lainnya:
- lirik lagu lg2d - last day on earth
- lirik lagu mamamoo - mmm simile (live ver.)
- lirik lagu sherine - lesa feh amal | لسه في أمل
- lirik lagu joe far - who i am
- lirik lagu emmyflows - yahoo
- lirik lagu gracie abrams - will you cry?
- lirik lagu buddy guy & junior wells - don't leave me
- lirik lagu uncle skeleton - porcelain
- lirik lagu form rank - rebuild
- lirik lagu jay critch - that was random